A message from our CEO
A message from our CEO navigation

Working for Scottish Ministers, we look after Scotland’s national forests and land, for the benefit of all, now and for the future.
The work we do supports the Scottish Government's Net Zero ambition and delivers for people, for nature, for the climate and the economy.
Many people associate us with timber production, and we do support rural jobs and the economy by producing 40% of Scotland’s timber.
But that is only part of our story and we are proud of the other contributions we make to society and the environment.
These include:
- boosting the green energy transition by hosting 14% of Scotland’s onshore windfarms
- welcoming people through over 10 million visits per year
- supporting over 100 community projects and many more events and activities in local woodlands
- conserving and restoring iconic landscapes and nature within the 8% of Scotland in our care
In our 107 year history we have adapted and evolved and achieved much. We intend to continue that approach and respond to changing times so that we can maximise the public value of the fantastic natural asset in our care and deliver even more for the people of Scotland.
Ag obair do Mhinistearan na h-Alba, tha sinn a’ coimhead às dèidh coilltean is fearann nàiseanta na h-Alba, a chum leas a h-uile duine, a-nis agus airson an ama ri teachd.
Tha an obair a tha sinn a’ dèanamh a’ toirt taic do dh’àrd-amas Riaghaltas na h-Alba airson Neoni Lom agus thathar ga lìbhrigeadh airson dhaoine, nàdar, na gnàth-shìde agus an eaconamaidh.
Bidh mòran dhaoine a’ saoilsinn gu bheil sinn an sàs ann a bhith a’ cruthachadh fiodh, agus gu dearbh tha sinn a’ toirt taic do dh’obraichean dùthchail agus an eaconamaidh le bhith a’ cruthachadh 40% de fhiodh na h-Alba.
Ach chan eil sin ach na phàirt den sgeul againn, agus tha sinn pròiseil às na dòighean eile sa bheil sinn a’ cur ris a’ chomann-shòisealta agus ris an àrainneachd.
Tha iad seo a’ gabhail a-steach:
- a’ toirt spionnadh don eadar-ghluasad do lùths uaine le bhith ag òstaireachd 14% de mhuileannan-gaoithe na h-Alba a tha air tìr
- a’ cur fàilte air daoine tro bharrachd is 10 millean tadhal gach bliadhna
- a’ toirt taic do bharrachd is 100 pròiseact coimhearsnachd agus cus a bharrachd thachartasan agus gnìomhachdan ann an coilltean ionadail
- a’ glèidheadh agus ag ath-shlànachadh dhealbhan-tìre suaicheanta agus nàdar taobh a-staigh an 8% de dh’Alba a tha san raon-dleastanais againn
San eachdraidh againn, a tha a’ dol air ais 107 bliadhna, tha sinn air atharrachadh agus air freagarrachadh agus air mòran a choileanadh. Tha sinn am beachd gun lean sinn oirnn leis a’ mhodh-obrach sin, a’ freagairt ri amannan atharrachail, gus am faod sinn, don ìre as motha ’s a ghabhas, làn luach poblach a thoirt gu buil airson na so-mhaoine nàdarra mìorbhailich a tha san raon-dleastanais againn agus fiù ’s barrachd airson muinntir na h-Alba a lìbhrigeadh.